(Làn-ùine, cuingealaichte gu 12 mhìos sa chiad dol-a-mach, le cothrom leudachadh air sin, a rèir maoineachaidh)
Chaidh an dreuchd seo a stèidheachadh air sgàth com-pàirteachas ùr eadar An Lanntair, Leabharlainn nan Eilean Siar agus Comhairle Nan Eilean Siar.
Adhbhar na Dreuchd: Prògram Ealain Gàidhlig a leasachadh dhan Lanntair agus do Leabharlainn nan Eilean Siar, agus prògram phreantasachdan Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar a chomasachadh.
Bidh an tagraiche a shoirbhicheas os cionn gach taobh de leasachadh na Gàidhlig airson a’ chom-pàirteachais Ghàidhlig shònraichte seo, a’ gabhail a-steach: a’ toirt chothroman do bharrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh agus buannachd fhaighinn aiste san àite-obrach is sa choimhearsnachd;
a’ meudachadh chothroman do dhaoine de gach aois a’ dol an sàs leis An Lanntair, Leabharlainn ionadail agus a’ Chomhairle gus an sgilean Gàidhlig a leasachadh; a’ togail mothachadh mun Ghàidhlig am measg luchd-èisteachd is luchd-ùidhe nan com-pàirtichean.
Ceann-latha dùnaidh: 7 Faoilleach 2025
Job description and Personal Specification are available from:
Please submit your CV along with a supporting letter, ensuring it is no longer than one A4 page. Send your application via email to anna@anlanntair.com