Job Description
Post Title: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)
Location: Bun-Sgoil an Àth Leathainn, An t-Eilean Sgitheanach
Hours: 32 hours per week
Duration: Fixed Term until 06 January 2026
Salary: £20,063 - £21,976 (Unqualified) £22,286 - £24,405 (Qualified)
San àbhaist, bidh an tuarastal aig a' chiad ìre dhen bhann.
Contact Person: Stephen Atkins Tel: 01471 822453
Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a' lìbhrigeadh seirbheis thràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha sùbailte is àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.
Requirements:
1. Gàidhlig riatanach.
2. Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean - le teisteanas a bhith a' cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) is bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.
3. Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean - gun teisteanas obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.
4. Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh taobh a-staigh 6 mìosan bho bhith a' tòiseachadh san dreuchd no gus am bi clàrachadh air a dhearbhadh, ge brith dè as giorra.
5. Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair buannachdail.
Application Process: Cuir a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tuigsinn gu bheil iomadachd a' brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a' riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a' frithealadh.
Note: Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Communication: Mar as trice 's ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a' gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cum sùil air na puist-d agad, agus air a' phasgan sgudail.
#J-18808-Ljbffr