Prìomh Neach-obrach Sgoil-àraich, le Teisteanas, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoil-àraich Saoghail Bhig (8902)
15 uairean gach seachdain, fad na bliadhna, ùine fòrladh màthaireachd
£12,311 - £13,453 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £1,159 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna
Ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, cumaidh sibh taic ri curaicealam a tha stiùireadh ionnsachadh is leasachadh chloinne san fharsaingeachd, agus a’ cur air dòigh seiseanan cluiche a’ toirt aire do dh’fheumalachdan gach pàiste.
Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agaibh ann an cùram chloinne ag obair le clann bheaga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth bhliadhnachan agus teisteanas a bhith agaibh a tha a coileanadh iarrtasan Comhairle Seirbheisean Sòisealachd na h-Alba airson luchd-obrach.
Tha an tuarastal ainmichte a gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. 'S ann air a’ chiad puing den ìre-pàighidh a thèid an dreuchd a shuidheachadh.
Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas obrach agus an sònrachadh pearsanta ‘s gun toir thu iomradh air mar a tha thu a’ coilionadh gach slat-tomhais air a bheilear a’ toirt iomraidh anns an t-sònrachadh-phearsanta nad aithisg eòlais.
Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothrom do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.
Ceann-latha airson Iarrtasan: Diluain 14 Gilblean 2025
#J-18808-Ljbffr