Preantas – Seirbheisean Sòisealta agus Cùram Slàinte, Trianaid
37 uairean gach seachdain, cuingealaichte gu aon bhliadhna
£27,090 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £2,859 de Chuibhreann Eileanan Iomallach)
Mar phreantas, gheibh thu trèanadh mar Neach-taice Cùraim Shòisealta ann an co-bhann ri prògram trèanaidh barrantaichte. Bheir seo an comas dhut a bhith ag obair mar phàirt de sgioba a bhios ag adhartachadh agus a’ cur taic ri Inbhich le Feumalachdan Taice gus an urrainn dhaibh goireasan ionadail a chleachdadh, gus an in-ghabhail, neo-eisimeileachd agus builean dealbhaichte a mheudachadh.
Tha e riatanach gu bheil tuigse agad air còraichean agus uallaichean dhaoine le feumalachdan taice. Tha e riatanach gu bheil an comas agad dèiligeadh ri giùlain a bheir dùbhlain do sheirbheisean, an comas sealltainn spèis do chàch, an comas fiosrachadh a chruinneachadh agus a chumail agus stiùireadh a leantainn agus an comas a bhith ag obair gu h-èifeachdach mar phàirt de sgioba.
Bidh thu ag obair gus SVQ Ìre 2 ann an Seirbheisean Sòisealta agus Cùram Slàinte fhaighinn – ’s urrainnear seo fhaighinn taobh a-staigh bliadhna.
Tha cleachdadh còmhdach-dìon PPE riatanach san obair.
San dreuchd seo feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le inbhich.
Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas obrach agus an sònrachadh pearsanta ‘s gun toir thu iomradh air mar a tha thu a’ coilionadh gach slat-tomhais air a bheilear a’ toirt iomraidh anns an t-sònrachadh-phearsanta nad aithisg eòlais.
Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothroim do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.
#J-18808-Ljbffr