Advert
Relief Visitor Assistant, Museum nan Eilean, Lews Castle, Isle of Lewis
£14.30 per hour (inclusive of £1.48 Distant Islands Allowance per hour)
Museum & Tasglann nan Eilean, an exciting and busy heritage attraction, is looking for individuals with exceptional customer service skills. Our Visitor Assistants meet, greet and engage with visitors, ensuring they receive a warm, friendly welcome and the highest level of customer service. As the public face of the Museum, they develop a good level of knowledge of our exhibitions in order to help visitors learn more about the culture and heritage of the Outer Hebrides. Visitor Assistants are also responsible for the security of the collections on display and providing a safe environment for visitors.
Successful candidates will have a clear understanding of the importance of the visitor experience and how it influences the public image of the Museum, as well as security and related health and safety issues. They should have a good general level of education, good verbal communication skills, a flexible approach to work, and the ability to work as part of a team.
This post is on an ‘as and when required’ basis. Salary for the above post is inclusive of Distant Islands Allowance.
Please see attached 'Job Description & Person Specification ' for further information.
Interviews will be conducted in person, providing candidates with the chance to personally meet the team and experience our work environment.
Closing Date: Monday 3 March
Neach-cuideachaidh Luchd-tadhail (Faothachadh), Museum nan Eilean, Caisteal Leòdhais, Eilean Leòdhais
£14.30 gach uair (a’ gabhail a-steach £1.48 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach uair)
Tha Museum & Tasglann nan Eilean, ionad-dualchais trang agus air leth tarraingeach do luchd-turais, a’ sireadh dhaoine le sgilean seirbheis custamair sàr-mhath. Bidh ar Luchd-cuideachaidh Luchd-tadhail a’ coinneachadh ri, a’ cur fàilte air, agus a’ conaltradh ri luchd-tadhail, a’ dèanamh cinnteach gum faigh iad fàilte bhlàth, chàirdeil agus an ìre as àirde de sheirbheis custamair. Mar aghaidh poblach an Taigh-tasgaidh, bidh iad ag ionnsachadh barrachd mu na taisbeanaidhean againn fhad ’s a tha iad san dreuchd gus luchd-tadhail a chuideachadh gus am bi tuigse nas fheàrr aca air cultar is dualchas nan Eilean Siar. Tha uallach cuideachd air Luchd-cuideachaidh Luchd-tadhail airson tèarainteachd nan cruinneachaidhean a tha air an taisbeanadh agus airson ’s gum bi àrainneachd shàbhailte ann do luchd-tadhail.
Bidh tuigse mhath aig tagraichean soirbheachail air cho cudromach ’s a tha e gun còrd tursan ris an luchd-tadhail agus mar a bhios seo a’ toirt deagh bhuaidh air ìomhaigh phoblach an Taigh-tasgaidh, a bharrachd air tuigse air cùisean tèarainteachd agus slàinte is sàbhailteachd. Bu chòir ìre foghlaim mhath san fharsaingeachd a bhith aca, deagh sgilean conaltraidh labhairteach, dòigh-obrach sùbailte, agus an comas a bhith ag obair mar phàirt de sgioba.
Bithear ag obair san dreuchd seo a rèir iarrtas. Tha tuarastal na dreuchd a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh san Tuairisgeul Obrach agus san Tuairisgeul Pearsanta a tha an lùib seo.
Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a’ toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach.
Ceann-latha: Diluain 3 Màrt