Prìomh Neach-obrach Sgoil-àraich, Gun Teisteanas, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoil-àraich nan Loch (4873)
22.75 uairean gach seachdain, tron teirm, Dreuchd Mhaireannach
£15,221 - £15,795 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £1,519 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna
Le taic, bidh thu a’ cur curraicealam air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig a bhios a’ cur taic ri, agus a’ stiùireadh, ionnsachadh agus leasachadh iomlan cloinne, agus a’ planadh agus a’ cur seisean cluiche air dòigh, le bhith a’ gabhail suim de dh’fheumalachdan gach pàiste.
Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agad air cùram-chloinne a thaobh a bhith ag obair le pàistean òga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth-bhliadhnaichean.
Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le clann san dreuchd seo.
Tha tuartastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach fhastadh air a’ chiad ìre den rang.
Ceann-latha airson Iarrtasan: Diluain 24 Màrt 2025
#J-18808-Ljbffr