Job Description
Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)
Àite: Bun-Sgoil an Àth Leathainn, An t-Eilean Sgitheanach
Uairean: 32 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 06 Am Faoilleach 2026
Tuarastal: £20,063 - £21,976 (Gun teisteanas) £22,286 - £24,405 (Le teisteanas)
San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC faic childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh is comhairle mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliog here
Neach Fiosrachaidh: Stephen Atkins Fòn:
Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis thràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha sùbailte is àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.
Cuir a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE .
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith fo-riochdaichte nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cum sùil air na puist-d agad, agus air a’ phasgan sgudail.
Post Title: Early Years Practitioner (Gaelic)
Location: Broadford Primary School, Isle of Skye
Hours: 32 hours per week
Duration: Fixed Term until 06 January 2026
Salary: £20,063 - £21,976 (Unqualified) £22,286 - £24,405 (Qualified)
Contact Person: Stephen Atkins Tel:
Requirements
- Gaelic essential
- Those employed as Early Years Practitioner- qualified should hold a recognised qualification in Childcare and Education. (For example HNC/NNEB/SVQ 3) and will be paid on grade HC0535.
Unqualified workers employed as Early Years Practitioner- unqualified will be required to work towards one of the above awards within an agreed timescale and will be paid on grade HC0435.
- The Early Years Practitioner is required to hold a relevant Scottish Social Services Council (SSSC) registration or agree to apply to SSSC to register as a practitioner. On acceptance of the post, the Early Years Practitioner should achieve registration within 6 months of taking up employment or until registration is determined, whichever is the shorter.
- Qualifications in Food Handling and First Aid would be advantageous.
- Gàidhlig riatanach.
- Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) is bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.
- Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.
- Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh taobh a-staigh 6 mìosan bho bhith a’ tòiseachadh san dreuchd no gus am bi clàrachadh air a dhearbhadh, ge brith dè as giorra.
- Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair buannachdail.