Job Description
Tiotal Dreuchd: Neach-taice (Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne)
Àite: Bun-sgoil Ghà idhlig Inbhir Nis Primary School
Uairean: 30 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 03 Iuchar
Tuarastal: £16, - £17, per annum
San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC faic Airson stiùireadh is comhairle mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliog
Neach Fiosrachaidh: Kyle Eaglesfield, Fòn:
Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis thràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha sùbailte is àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean. Feumar an obair a dhèanamh a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean is chòdaichean-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd.
Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail
Requirements
Feumaidh luchd-obrach uile a tha ag obair ann an seirbheisean nan tràth-bhliadhnaichean clàrachadh le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) agus trèanadh barantaichte a ghabhail os làimh. ’S e poileasaidh na Comhairle gum bi luchd-obrach uile a tha a’ gabhail cosnadh leis a’ Chomhairle ag aontachadh a leithid de thrèanadh a ghabhail os làimh rè ùine.